Òran an Ròin

Julie Fowlis

Hò i hò i hì o hò i
Hò i hì o hò i ì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi ′m ònar a-raoir

'S mairg san tìr seo, ′s mairg san tìr
'G ithe dhaoine 'n riochd a bhìdh
Nach fhaic sibh ceannard an t-sluaigh
Goil air teine gu cruaidh cruinn

Hò i hò i hì o hò i
Hò i hì o hò i ì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi ′m ònar a-raoir

′S mise nighean Aoidh mhic Eòghainn
Gum b' eòlach mi mu na sgeirean
Gur mairg a dhèanadh mo bhualadh
Bean uasal mi o thìr eile

Hò i hò i hì o hò i
Hò i hì o hò i ì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi ′m ònar a-raoir

Thig an smeòrach, thig an druid
Thig gach eun a dh'ionnsaigh nid
Thig am bradan thar a′ chuain
Gu Là Luain cha ghluaisear mis'

Hò i hò i hì o hò i
Hò i hì o hò i ì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi ′m ònar a-raoir